Tàladh Ar Slànair lyrics

 
Song Details
Artist(s)Weihnachtslieder
Album(s)  -

Mo ghaol, mo ghràdh is m'eudail thu
M'iunntas ùr is m'èibhneas thu
Mo mhacan àluinn, ceutach thu
Chan fhiù mi fhèin bhi 'd dhàil
Alleluia, Alleluia, Alleluia, Alleluia.
2. Mo ghaol an t-sùil a sheallas tlàth
Mo ghaol an cridh' tha liont' le gràdh
Ged is leanabh thu gun chàil
Is lìonmhor buaidh tha ort a' fàs.
Alleluia, Alleluia, Alleluia, Alleluia.

3. 'S tusa grian gheal an dòchais
Chuireas dorchadas air fògairt
Bheir thu clann-daoin bho staid bhrònaich
Gu naomhachd, soilleireachd is eòlas.
Alleluia, Alleluia, Alleluia, Alleluia.



All lyrics are property and copyright of their owners.